CD Leòdhasach á Ceap Breatainn ‘gu math lom’
Tha 20 òran ann. Dhiubh sin, tha 16 air an gabhail ás aonais taic, aonan le Còisir Ghàidhlig Antaiginis, agus air na ceithir eile tha Lucy NicNìll air a’ chlàrsaich.
Feumar a ràdh gu bheil duilgheadasan ann aig àm sam bith le clàraidhean de sheinneadairean a bhios a’ seinn gun taic, ge bith cò iad, oir bidh fuaimean beaga, lochdan no crithean sa ghuth, agus mearachdan sam bith a nì an seinneadair daonnan air leth follaiseach. An-seo, gu mì-fhortanach, tha ìsleachadh gleusa ann an grunn de na h-òrain. Tha e gu sònraichte follaiseach ann an dà dhiubh, Eilean mo Ghaoil agus An t-Eilean mu Thuath, agus se call a th’ ann on a tha iad le chèile air an seinn on chridhe. Bu chòir ìsleachadh gleusa dhen t-seòrsa seo a bhith air a cheartachadh nuair bhios neach a’ clàradh san stiùideo. Fiùs an dèidh sin gabhaidh a cheartachadh, gu ìre, le einnseanair-fuaim. Car son nach do rinneadh e an-seo? Tha luchd èisteachd Gàidhlig air fàs eòlach air clàraidhean aig ìre gu math àrd, ’s tha iad an dùil sin fhaighinn air gach CD a nochdas.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdSe dòigh seinn mar a chluinnear ann am farpaisean a’ Bhuinn Òir a th’ air a’ mhòrchuid dhen CD, le mòran aire ga thoirt do dh’fhuaim a’ ghuth ’s do chumadh nan sreathan-ciùil. Tha an guth fhèin ìseal, làidir agus blàth, ach tha an dòigh seinn gu math eadar-dhealaichte on t-seòrsa nas tradiseanta agus nàdarra a tha fasanta an-diugh, mar a chluinnear aig leithid Julie Fowlis.
Bhiodh Eileanan Mo Ghaoil gu math na b’ fheàrr le barrachd de cheòl-taic. Le uimhir de dh’òrain ás aonais, ’s air an gabhail leis an aon neach, tha e faireachdainn gu math lom. Tha e a’ tighinn le leabhran beag leis na faclan agus eadar-theangachadh.